Thèid sinn thar a' chuain; thèid sinn thar na linne
a' fàgail mar bu dual, do gach àite 's cinneadh
'S fheudar dhuinn a bhith gun tàmh, 's fheudar falbh an rathaid
beò an dòchas glan na fàire gus am bris an latha
'S fheudar dhuinn a bhith gun tàmh, 's fheudar ceum a ghabhail
's iomadh adhbhar, gnè 's gràdh a' tarraing air an ràmh

Comments (0)